Scrabble3D
Geama Scrabble as urrainn dhut cluich air a’ choimpiutair. Cho simplidh sin. Uel, tha rudan eile ann a tha snasail mu dhèidhinn. Anns a’ chiad dol a-mach, tha an dà chuid am prògram fhèin ri fhaighinn ann an Gàidhlig agus tha seata litrichean ann a chaidh a dhealbhadh gu sònraichte dhan Ghàidhlig agus leis a sin, ’s urrainnear geamannan Scrabble a chluich ann an Gàidhlig. A bharrachd air geama àbhaisteach, tha am prògram comasach air SuperScrabble agus Scrabble3D. An aghaidh a’ choimpiutair (agus is urrainn dhut suidheachadh dè cho ùmaidh no dè cho seòlta a bhios e) no air an lìonra an aghaidh dhaoine eile. Agus tha iomadh cànan eile ’na lùib, eadar Gàidhlig na h-Èireann is Catalanais, Fraingis is Suainis.
Ciamar a stàlaicheas mi e?
Gheibh thu am faidhle an-seo, am putan uaine air a bheil Download (leig seachad an t-sanasachd):
Nuair a bhios sin agad, briog air an fhaidhle ud is lean ris an stiùireadh air an sgrìn. Chan eil e doirbh idir agus ùraichidh am prògram e fhèin ma bhios ùrachadh ri fhaighinn (fhad ’s a tha ceangal ris an lìon).
‘S urrainn dhut tòiseachadh air geama sa bhad ach ’s fhiach e sùil a thoirt air na roghainnean, tha iomadh dòigh ann gus a chur air gleus, can na diofar faclairean. Tha faclair bunasach ann a bhios beò an-còmhnaidh ach a bharrachd air sin, gabhaidh geamannan nas dùbhlanaiche a chluich ma ghabhas tu a-staigh na faclan on Fhaclair Bheag. Agus mas e draoidh mòr nam faclan a tha annad, ’s urrainn dhut na faclan a tha ann an Dwelly a ghabhail a-staigh cuideachd!
CÀBHA (Ceistean Àbhaisteach)
1. Càit a bheil an h?
Chan eil h ann. Nuair a rinn sinn an geama seo, rinn sinn beagan rannsachaidh ro làimh air tricead nan litrichean ann an Gàidhlig is rudan mar sin. Bha aon litir aig gach leacag an toiseach ach cha do dh’obraich sin idir, gu math tric bhiodh làn-chròg de h’s againn gun dad feumail eile. Dh’fheuch sinn an uairsin leacagan a dhealbhadh air an robh na litrichean a thèid còmhla ann an Gàidhlig – bh, ch, dh, fh, gh, ll, nn agus mar sin air adhart. Dh’obraich sin fìor mhath – agus tha e nas nàdarra ann an Gàidhlig co-dhiù. Sin as coireach nach eil h ann idir ’na h-aonar.
2. Ciamar a chluicheas mi geama air an lìonra?
Mar seo: Briog air a’ bhall ghorm
Agus lìon a-steach an uinneag seo (cruthaich facal-faire ùr, rud sam bith, ach na dìochuimhnich e):
Chì thu na daoine air an lìonra a-nis. Tha bratach na lèine a’ comharradh na dùthcha aig cluicheadair agus am bratach eile cànan a’ phrògraim. Dèan briogadh deas air an neach a tha thu airson cluich leis agus thoir cuireadh dhaibh:
Feumaidh an neach a thug an cuireadh seachad tòiseachadh air geama ùr:
Agus sin agad e.
3. Chan eil mi a’ fuireach ann am Milton Keynes!!
Toilichte sin a chluinntinn! Ma sheallas e baile mar sin no àite neònach eile ann an Sasainn (tha sin a’ crochadh gu ìre air an ISP agad), gabhaidh sin atharrachadh. Faigh greim air an fhaidhle Scrabble3D.ini (ann an XP tha sin fo Documents and Settings » Local Settings » Application Data » Scrabble 3D, ann am Win 7/8 Users » Home » AppData > Local » Scrabble 3D) agus cuir baile eile san loidhne NetworkCity= (a’ cleachdadh deasaichear teacsa mar Notepad)
4. Tha na faclan seo ro fhurasta…
A ghnàth, thèid am prògram a stàladh leis an fhaclair bhunasach. Chruthaich sinn liosta air a bheil mu 8,500 facal cumanta agus cuingeachadh air cruthan nam faclan. Ach ma tha sin ro fhurasta dhut, gabhaidh sin a dhèanamh nas dorra gun teagamh. Fosgail am prògram agus briog air Roghainnean » Roghainnean agus tagh na faclairean a tha thu ag iarraidh:
Dè an diofar? Well, tha mìneachadh san dealbh gu h-àrd ach seo eisimpleir dhut dhen diofar eatarra:
Faclair bunasach
- cas, casan; adhartach; agam, agad…; buail, bualadh;…
Am Faclair Beag
- cas, chas, cois, chois, coise, choise, casan, chasan, casaibh, chasaibh; adhartach, adhartaich, adhartaiche; agam, agad…; buail, bhuail, buailidh, bhuaileas, buailinn, bhuailinn, buaileadh, bhuaileadh, bualadh, bhualadh, bualaidh, bhualaidh…;…
Faclair Dwelly
- Mar an fheadhainn gu h-àrd ach le faclan mar forrach, càrlach, nianradh, steamadh is mar sin air adhart.