MegaGlest

’S e geama ro-innleachd fìor-ùine (sin a’ Ghàidhlig air real time strategy game) a tha ann am MegaGlest. ’S urrainn dhut cnàmh-sgeulan no mapaichean air thuaiream a chluich agus tha modh ioma-chluicheadair aige cuideachd.

Tha 7 cinnidhean eadar-dhealaichte ann, eadar Èiphitich is Lochlannaich agus an dùbhlain àbhaisteach – batailean, còmhragan, diofar mapaichean is rudan mar sin. Bhitheadh tuairisgeul slàn air a’ gheama car fada ach leis nach eil dad neònach mun stàladh agus leis gu bheil e saor an-asgaidh (fear a tha ’ga leasachadh leis a’ choimhearsnachd a tha ann), cha chosg e dad fheuchainn! Gheibh thu an-seo e.

Dh’fhaoidte, gu h-àraidh mas ann air Mac OSX a tha thu, gum bi agad ris na roghainnean a chur air gleus às dèidh dhut a stàladh. Rach a-steach ann agus briog air an t-saighead ri taobh Language gus am faic thu gaelic-Gàidhlig:

megaglest03

Sin agad e, tha e ann an Gàidhlig a-nis:

megaglest04

Innis dha do phàrantan gu bheil thu a’ cur piseach air do chuid Ghàidhlig ann!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest