GIMP
Tha GIMP (’s e sin GNU Image Manipulation Program) ’na dheasaiche ghrafaigean snasail a tha, leis gur e prògram le còd fosgailte a tha ann, saor an-asgaidh. Nì e mìle rud eadar deasachadh, tarraing, bearradh, iompachadh is gleusadh dhathan. ’S e seo an rud as fhaisge air Photoshop ann an saoghal OS. Ma tha thu ag iarraidh rudeigin a tha nas fhearr na Microsoft Paint ach mur eil thu airson morgaids ùr fhaighinn gus Photoshop a cheannach, feuch GIMP agus tha deagh-theans gun dèan e na tha a dhìth ort.
Feumaidh tu tionndadh 2.8.14 no tionndadh nas ùire ma tha thu ’ga iarraidh ann an Gàidhlig!
Windows
Chan eil dad neònach mun stàladh. Faigh greim air an fhaidhle a stàlaicheas e agus cuir gu dol e:
Lean ris an stiùireadh – thèid a stàladh ann am Beurla an toiseach, ge be dè an cànan a tha aig an t-siostam-obrachaidh agad. Cuir gu dol am prògram an uairsin agus bi foighidinneach, feumaidh e greis a’ chiad turas a thòisicheas e, suas ri mionaid (ach bidh e nas luaithe às a dhèidh sin):
Fosgail Edit agus Preferences an uairsin:
Agus tagh Gaelic [gd] fo Interface:
Dùin GIMP agus tòisich às ùr e agus bidh e ann an Gàidhlig. Tha cuid mhath dhen phrògram air eadar-theangachadh a-nis ach tha pìosan beaga dheth ann am Beurla fhathast agus cuid dhiubh nach gabh an eadar-theangachadh (fhathast), tha sinn duilich.
Tha treòir am broinn a’ phrògraim fhèin ach ’s ann air an eadar-lìon a tha an treòir as motha.
Linux
Ma tha Ubuntu agad ann an Gàidhlig, bidh cuid dhen phrògram ann an Gàidhlig mu thràth:
Ma nì thu àrdachadh (cleachd gleus ùrachadh a’ bhathair-bhog, chaidh 2.8.14 fhilleadh a-steach mu thràth), bidh e gu tur sa Ghàidhlig.
Chan eil mi buileach cinnteach a thaobh nan distros eile ach mur eil e a’ nochdadh ’s ma tha thu ann an cabhag mhòr, feuch seo, tha ppa ann a rinn cuideigin a bheir dhut an tionndadh as ùire:
sudo add-apt-repository ppa:otto-kesselgulasch/gimp
sudo apt-get update && sudo apt-get install gimp
OSX
Chan eil seo doirbh a bharrachd. Gheibh thu greim air (2.8.14 no nas ùire) air an làrach seo:
Nuair a bhios sin agad, fosgail an zip. A-rèir nan roghainnean agad, tha deagh-theans gum faic thu seo:
Feumaidh tu na System Preferences fhosgladh agus tadhal air Security & Privacy:
Agus Open Anyway a thaghadh. Na gabh dragh, chan e sgudal a tha ann.
’S toigh le Mac a ghuth fhèin, faighnichidh e seo as ùr:
Nise, ma chuir thu Gàidhlig os cionn na Beurla ann an roghainnean an t-siostaim agad, bidh e ann an Gàidhlig nuair a chuireas tu gu dol e:
Ma tha e ann am Beurla fhathast, dèan na leanas. Fosgail Preferences:
Agus an uairsin Interface is Gaelic [gd] san liosta:
OK an uairsin:
Dùin GIMP is cuir gu dol e as ùr agus sin agad e, bidh Gàidhlig air.
An aire: Mur am faic thu na bàraichean-inneal sa chiad dol a-mach, lùghdaich GIMP agus meudaich a-rithist e, bheir seo na bàraichean dhan bheulaibh.