An t-eadar-lìonbrosnaichte

Firefox

’S e brabhsair-lìn a tha ann am Firefox leis an urrainn dhut falbh air feadh an lìn agus leis gur e pròiseact Open Source a tha ann, tha e saor an-asgaidh. Tha e ’ga leasachadh le coimhearsnachd eadar-nàiseanta fo stiùireadh Fonndas Mozilla agus ann an dùthchannan mar a’ Ghearmailt, ’s e am brabhsair as cumanta a tha ann am Firefox.

’S e brabhsair air leth sùbailte a tha ann a nì a h-uile rud ris a bhiodh dùil agus mòran a bharrachd. Gheibh thu cothrom air an lìon air dòigh thèarainte, luath agus tha iomadh dòigh ann dreach pearsanta a chur air. Tha na mìltean a thuilleadain ri fhaighinn air a shon, ’s e sin prògraman beaga a bheir comasan sònraichte dha Firefox. Tha dearbhair-litreachaidh Gàidhlig ’na bhroinn o thùs ach mar eisimpleir, ma tha thu ag iarraidh dearbhair-litreachaidh Fraingis a bharrachd air an fhear Ghàidhlig, cha leig thu leas ach greim fhaighinn air is a stàladh. No mur eil an dreach àbhaisteach a’ còrdadh riut, tha na mìltean a chraicnean ann as urrainn dhut a chur air.

Ciamar a stàlaicheas mi e?

Cha leig thu leas ach tadhal air an duilleag seo, sgroladh sìos gu Gaelic (Scotland) agus briogadh air an t-saighead iomchaidh (Windows, Linux no Mac). Dèan briogadh dùbailte air an fhaidhle a luchdaich thu a-nuas is lean ris an stiùireadh air an sgrìn an uairsin agus sin agad e. An aon rud ma tha Firefox agaibh ann am Beurla an-dràsta fhèin ’s ma tha thu ’ga iarraidh ann an Gàidhlig.

Air Mac, turas a bhios e air a luchdadh a-nuas, feumaidh tu am faidhle dmg a chur gu dol (mar is trice bidh e sa phasgan Downloads) agus an aplacaid a shlaodadh a-null dha Applications an uairsin:

Mac-Firefox

Ma tha thu a’ cleachdadh brabhsair eile an-dràsta, can Internet Explorer, cha dèan sin cron air a’ bhrabhsair eile, seasaidh iad ri taobh a chèile. Faighnichidh Firefox a bheil thu airson na comharran-lìn ion-phortadh on bhrabhsair eile. A-rithist, cha dèan sin cron air a’ bhrabhsair eile agus mar is trice, tha e feumail an toirt a-steach.

CÀBHA (Ceistean Àbhaisteach)

1. Càit am faigh mi an dearbhair-litreachaidh ’s ciamar a dh’obraicheas e?
Tha an dearbhair Gàidhlig ’na bhroinn o thùs mas e Firefox Gàidhlig a tha agaibh. Tha e furasta – can gu bheil thu a’ sgrìobhadh post-d ann an My Opera Mail – dèan briogadh deas àite sam bith san teacsa, nochdaidh uinneag agus chì thu Ceartaich an litreachadh ann. Ma thaghas tu sin, cuiridh e loidhne dhearg fo dad air a bheil coltas cearr. Mar is àbhaist le dearbhairean, ma nì thu briogadh deas air facal fon a bheil loidhne dhearg, chì thu molaidhean ceartachaidh ann.

Ma tha thu a’ cleachdadh Firefox na Beurla, gheibh thu cothrom air an dearbhair Ghàidhlig fhathast an-seo. Briog air Add to Firefox agus nì Firefox an corr.

2. Chan eil Gàidhlig aig mo chèile, an urrainn dhomh leumadh eadar dà chànain?
Tha rud air a bheil Quick Locale Switcher ann ach mholamaid dhuibh cunntasan eadar-dhealaichte a shuidheachadh air a’ choimpiutair. Ma nì thu sin, ’s urrainn do gach duine aig a bheil cunntas roghainnean a thaghadh dhaibh fhèin, can Firefox Gàidhlig aig an dàrna neach agus Beurla aig an neach eile. Tha sin fada nas goireasaiche na leumadh air adhart ’s air ais, gu h-àraid leis gu bheil prògraman ann nach leig leat leumadh eadar cànain.

3. Rinn mi àrdachadh air Ubuntu ’s tha e ann am Beurla a-nis

Tachraidh sin uaireannan ach tha e furasta a chur ceart. Gheibh thu stiùireadh aig bonn na duilleige seo.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest