Faclair na Sgoile
Chruthaich Stòrlann am faclair seo ’s tha e ag obair glè mhath. Gheibhear facal an latha ann, fiosrachadh gràmair agus eisimpleirean.
Chan eil dad toinnte mun stàladh agus gheibhear e an dà chuid air Android agus iPhone. Cha leig thu leas ach tadhal air aon seach aon dhen dà bhùth (Google Play no iTunes) agus a stàladh (tha e saor an-asgaidh, eadar dà sgeul):
Rud beag no dhà, chan eil am meur-chlàr Gàidhlig a’ tighinn leis an aplacaid, feumaidh tu Adaptxt airson sin. Agus cuimhnich nach e faclair Beurla ’s Gàidhlig a tha ann, dìreach faclair aon-chànanach:
Chan e rud dona a tha sin, tha feum air faclairean mar sin cuideachd!