BBC Alba thall thairis

Tha na dearbh-dhuilgheadasan aig daoine a dh’imrich thall thairis ’s a tha airson coimhead air prògraman BBC san fharsaingeachd ’s a tha air daoine thall thairis a tha ag iarraidh BBC Alba fhaicinn ann.

Tha diofar prògraman ann a tha ag ràdh gum faigh thu seachad air an duilgheadas seo leotha. Chan robh cothrom againn am feuchainn (o nach eil sinn thall thairis) agus leis a sin, chan urrainn dhuinn geall a thoirt gu bheil iad ag obair no ag obair gu math. Mholamaid dhut sùil a thoirt air an eadar-lìon, tha caochladh bheachdan orra. Ach seo dhut liosta dhiubh co-dhiù:

  • TunnelBear (an-asgaidh agus air airgead)
  • VPNUK (air airgead)
  • Expatshield (an-asgaidh rè ùine agus air airgead an uairsin; dh’fhaoidte nach eil seo iomchaidh tuilleadh airson BBC fhaighinn o thall thairis)

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest