Fònaichean-làimhe ⁊ tablaidean

Custom Locale

Chan eil seo ag obair tuilleadh ann an Android 4.2 no tionndaidhean nas ùire dheth (chuir Android casg air) gu mì-fhortanach. Tha mi a’ dèanamh mo dhìcheall airson fuasgladh fhaighinn air ach bidh seo greis mhath.

Mas e fòn Android a tha agad, ’s mathaid gum bi duilgheadasan agad innse dhan fhòn gu bheil thu ag iarraidh bathar-bog seo no sin sa Ghàidhlig (no cànan eile) nach eil air liosta nan cànan mòra aig Android. ’S e rud air a bheil force locale a tha coireach as. ’S e sin gleus a bheir air bathar-bog sam bith nochdadh ann an cànan an t-siostaim-obrachaidh. Beurla mar is trice. Canaidh an luchd-leasachaidh feature ris ach ’s e mac an ànraidh a tha ann dha na cànain bheaga.

Co-dhiù, tha fuasgladh ann. ’S urrainn dhut rud fhaighinn air Android a chuireas riochd mas-fhìor Gàidhlig air an fhòn. Tha sin a’ ciallachadh gum faic thu Gàidhlig ma tha Gàidhlig ri fhaighinn (mar eisimpleir Opera Mini)

Seo na tha agad ri dhèanamh. Tadhail air dha Google Play ’s faigh an aplacaid Custom Locale le InKa is stàlaich e. Fosgail Custom Locale ’s chì thu rud mar seo (ma tha thu ann am Breatainn):

CustomLocale01

Thoir gnogag air Custom agus Add custom locale an uairsin:

CustomLocale02

Tha liosta de chànain is dùthchannan ann ach ’s e liosta fhada a tha ann, tha e nas luaithe na leanas a chur a-steach:

CustomLocale03

gd = Gàidhlig, GB = Breatainn. Ma tha thu sna Stàitean, cuir US an àite sin, CA airson Canada, AU airson Astràilia ’s mar sin air adhart. Chì thu an sgrìn seo ’s feumaidh tu gnogaf a thoirt air gd_GB:

CustomLocale04

Nochdaidh cromag mhòr gu h-àrd air an taobh deas agus feumaidh tu gnogag a thoirt air:

CustomLocale05

Faighnichidh e seo dhìot, thoir gnogag air Yes:

CustomLocale06

Ma chì thu seo air an taba Current, sin agad e:

CustomLocale07

Bidh buaidh aig an aplacaid seo air a’ chànan sna h-aplacaidean seo leanas:

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest