Wordlink
Chan eil Wordlink ’na fhaclair e fhèin ach tha e air leth feumail a dh’aindeoin sin. ’S e na nì an sgrìn agad a’ sgaradh ’s tu a’ coimhead air rudeigin sgrìobhte ann an Gàidhlig. Bidh an teacsa ud air an taobh chlì agus leòsan eile air an taobh deas anns am bi faclair. Ach tha sgoil-dhubh ’na bhroinn a bharrachd air sin oir cha leig thu leas faclan a sgrìobhadh ann gus an lorg san fhaclair. Chan eil agad ach briogadh air facal air an taobh chlì agus nì e lorg dhut e fhèin.
Mar eisimpleir, tha e ag obair glè math còmhla ris na clipichean ’s na teacsaichean Gàidhlig aig Clilstore:
Gus a chleachdadh le duilleag-lìn sam bith eile, tadhail air an làrach seo ’s cuir a-steach seòladh-lìn (URL) eile. Bidh ctrl + c agus ctrl + v feumail, mar is àbhaist, airson lethbhread a dhèanamh de sheòladh is a chur ann an uairsin. Cuir ann e an dèidh an url=
Mar eisimpleir mar seo:
Agus brùth Enter. Sin agad e.