Penfriend
Tha Penfriend ’na inneal taic-sgrìobhaidh a chuidicheas tu a’ sgrìobhadh rudan air a’ choimpiutair is e a’ dèanamh tomhas air an fhacal a tha thu a’ sgrìobhadh a-rèir nan litrichean is faclan a sgrìobh thu ann mu thràth.
Gheibhear Penfriend an dà chuir mar phrògram agus air bioran USB – faic làrach-lìn an t-saothraiche airson barrachd fiosrachaidh. Tha am faclair Gàidhlig ’na lùib ag obair ach chan e bathar saor a tha seo, feumar pàigheadh air a shon.
Ma fhuair thu e air bioran USB, seo mar a chuireas tu gu Gàidhlig e:
Cuir a-steach am bioran is fosgail Windows Explorer is faigh greim air an draibh ud:
Briog air agus cuir gu dol an .exe ann:
Nochdaidh uinneag bheag, briog air File » Open default lexicon:
Agus tagh aon dhe na faclairean, eadar beag is meadhanach:
Nuair a thòisicheas tu air rudeigin a sgrìobhadh a-nis, molaidh e faclan dhut:
Brùth an àireamh a tha ri taobh an fhacail air a’ mheur-chlàr agad agus thèid a chur a-steach.