Faclairean

Microsoft Language Portal

Tha faclair aig a’ Microsoft Language Portal far an urrainn dhut briathrachas a chaidh a chleachdadh san eadar-theangachadh Ghàidhlig de Windows agus Microsoft Office a rùrachadh. Mholamaid dhut am Faclair Beag sa chiad dol a-mach a chionn ’s gu bheil am briathrachas gu lèir ann cuideachd ach air eagal ’s gum bi rudeigin ann o àm gu àm a dh’fhairtlich oirnn, tha am faclair air Microsoft an-seo.

Microsoft Language Portal

Bidh am faclair seo feumail cuideachd ma tha briathrachas IT sna cànain eile a dhìth ort – can am facal air “sgrìn-ghlasaidh” ann an K’iche’ Maya (q’ateb’al k’utwachaj, eadar dà sgeul).

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest