Nochd Google ann an Gàidhlig ann an 2002 fhad ’s a bha an iomairt Google in Your Language beò fhathast. Chuir iad crìoch air an iomairt ud, cò aig a tha fios carson, agus bidh iad a’ dèanamh eadar-theangachadh iad fhèin a-nis. Chan e rud dona a tha sin ann ach air an làimh eile, tha iad a’ diùltadh na cànain bheaga a b’ àbhaist a bhith aca leasachadh tuilleadh. Leis a sin, chan eil an tionndadh Gàidhlig an-diugh buileach cho goireasach ’s a tha am fear Beurla ach mur eil thu a’ dèanamh ach dìreach lorg àbhaistach, nì e an gnothach fhathast.
Tha Google air rudan gòrach a dhèanamh leis a’ cho-dhealbhachd, ’s an dòigh as fhasa an ceangal seo http://www.google.com/webhp?hl=gd (innsidh an gd ud dha Google gu bheil thu’ga iarraidh ann an Gàidhlig) a chur ris na comharra-lìn agad ’s a chleachdadh mar an duilleag bhunaiteach. No, ma chì thu an cearcall leis na roghainnean ri linn lorg air Google, briogadh air a sin agus an uairsin Search Settings » Languages (air an taobh chlì) » Scots Gaelic san dropdown. Chan eil e ro mhath a’ cumail na roghainn seo ’na chuimhne ge-tà.
Ma tha thu deònach rud ùr fheuchainn, tha einnsean-luirg eile ann a tha ri làimh sa Ghàidhlig – DuckDuckGo.