Firefox Mobile
Tha Gàidhlig ri fhaighinn ann am Firefox Mobile 32 (no tionndaidhean nas ùire dheth). Chan eil e doirbh Gàidhlig a chur air. Feumaidh tu tadhal air bùth Google an toiseach. Mur eil e agad fhathast, thoir gnogag air Install no, ma tha tionndadh nas sine dheth agad, thoir gnogag air Update:
Lean ris an stiùireadh agus fosgail Firefox Mobile an uairsin. Bidh e ann am Beurla (mas e sin an cànan a tha agad air Android). Thoir gnogag air putan nan roghainnean air an fhòn agad:
Agus an uairsin Settings am broinn Firefox:
An uairsin Language:
Chì thu System default ann (mar is trice, Beurla), thoir gnogag air:
Agus gheibh thu liosta agus Scottish Gaelic fon litir S, thoir gnogag air a’ chearcall bheag:
Sin agad e, bidh e sa Ghàidhlig sa bhad ’s cha bhi feum fiù air ath-thòiseachadh: