An Stòr-dàta Briathrachais
Tha an tionndadh air loidhne dhen Stòr-dàta Briathrachais stèidhichte air leabhar briathrachais theicnigeach a chaidh fhoillseachadh le Clò Ostaig ann an 1993. Bhathar an dùil an toiseach gum biodh e aig toiseach sreath leabhraichean ach chanamaid gun deach rudan car claon air adhbhar air choireigin oir chan do nochd a-riamh ach Leabhar 1.
Chaidh faclair air loidhne a dhèanamh dheth ann an 1994 agus thug cuid dhen luchd-obrach aig Sabhal Mòr Ostaig ùine mhòr aca fhèin gus a leasachadh on àm sin. A bharrachd air na bha ’na bhroinn o thùs, chaidh briathrachas à iomadh tùs a chur ris on àm sin.
Gheibhear cuid a dh’fhiosrachadh gràmair ann, can gnè nan ainmearan, ach cum an cuimhne nach eil ann aig deireadh an latha ach liosta briathrachais mhòr. Ach an dèidh sin ’s ’na dhèidh, bheir e cothrom luath air stòras mòr fhaclan.