Ma tha iomadh duine a’ cleachdadh an aon choimpiutair ’s mur eil Gàidhlig aig gach neach, tha mòran dhaoine dhen bheachd gu bheil seo ’na chnap-starra agus nach urrainn dhaibh prògraman Gàidhlig a chleachdadh ri linn sin, air eagal ’s gum bi an dàrna neach air chall ann. Chan eil sin fìor, gu fortanach.
Tha diofar dòighean ann seo a leasachadh. Sa chiad dol a-mach, b’ urrainn dha no dhi seo no sin fheuchainn. Ach tha fhios againn gum bi daoine trang agus nach bi a h-uile duine airson a h-ionnsachadh, chan eil sin “cearr”.
’S e am fuasgladh eile cunntas a chruthachadh do gach cleachdaiche. Nuair a cheannaichear coimpiutair ùr, bidh aon chunntas cleachdaiche (rianaire mar is trice) air a shuidheachadh agus mur eil ann ach an aon chunntas, cha leig thu leas mar is trice ach an coimpiutair a dhùsgadh agus nì e an corr leis fhèin. Ach gabhaidh ceum beag nach doir ach leth-mhionaid eile a chur an lùib dùsgadh a’ choimpiutair ma chuireas tu ris cunntas a bharrachd. Ma nì thu sin, faighnichidh an coimpiutair dè an cunntas a bu mhath leat cleachdadh agus chì na daoine aig a bheil diofar cunntasan diofar rudan. Mar eisimpleir, ma tha feum aig aonan dhiubh air Photoshop ach chan eil aig an neach eile, ’s urrainn dhut Photoshop a chur air dòigh dha aonan dhiubh a-mhàin. No, ma tha Gàidhlig aig an dàrna neach agus Fraingis aig an neach eile, ’s urrainn dhut Firefox no Windows Gàidhlig a chur air dòigh dha aonan agus Fraingis dhan neach eile. Seo cothrom a chur às dhan dealbh ghrànnda ud a bu toigh le do chuid cloinne mar chùlaibh ach as beag ort fhèin!
Cha leig thu leas dad a cheannach ’s chan eil e doirbh. Turas a bhios barrachd air an aon chunntas ann, faighnichidh an coimpiutair dhìot, às a dhèidh sin, a bheil thu airson rudeigin a stàladh airson gach cunntas no dìreach dhut fhèin nuair a stàlaicheas tu rud.
Bidh seo beagan eadar-dhealaichte aig gach siostam-obrachaidh ach gu fortanach, tha Microsoft agus Apple air stiùireadh video a chruthachadh air a shon-sa. Seo dhut iad: