Facebook



ChromeFirefox

Tha leth-fhuasgladh agam dhut. Tha Facebook a’ diùltadh ’s a’ gabhail a-staigh chànan ioc ar nac, gun rian, gun riaghailt.

An le taic on ghaisgeach Kevin Scannell, draoidh nan sgriobtaichean, tha beagan Gàidhlig a’ tighinn air Facebook mu dheireadh thall. Chan chuir seo Gàidhlig air an rud gu lèir ach cuid dhe na h-abairtean as trice a chithear. Ag innse na fìrinn, cò an do leugh EULA a-riamh co-dhiù! Ma tha Firefox no Chrome agad co-dhiù.

Facebook03

Agus feumaidh tu English (US) a thaghadh mar chànan ann am Facebook mus obraich e, air neo bi e tro chèile a thaobh rudan mar Favourites seach Favorites.

1. Firefox
Feumaidh tu prògram beag a bharrachd fhaighinn air a bheil Greasemonkey:

Facebook01

Turas a bhios am muncaidh agad, till dha Usercripts is briog air a’ phutan mhòr uaine air an taobh deas a tha ag ràdh Install:

FBInstall

Chì thu uinneag air a bheil Greasemonkey Installation an uairsin. Aontaich ris an stàladh agus sin agad e. ’S mathaid gum bi agad Firefox a dhùnadh ’s fhosgladh a-rithist. Sin agad e!

2. Chrome
Tadhail air an lĂ rach seo agus stĂ laich e. Sin agad e.

Leave a Comments

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach